Trubhailean do dhaoine ann am "fìor èiginn."

  • Air fhoillseachadh
An ear air a' Bhad ChallTùs an deilbh, Martin Dawes/Geograph

Thèid trubhail fhàgail ann an 90 àite air oir an rathaid air taobh siar na Gàidhealtachd airson 's gum faod daoine an cuid salachair a thiodhlaigeadh.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Loch Bhraoin cuideachd a' cur soidhnichean an-àirde ag innse do dhaoine far a bheil taighean-beaga.

Thuirt cathraiche na comhairle coimhearsnachd, Topher Dawson, gun gabhadh na trubhailean a chleachdadh nuair a bhiodh daoine ann am "fìor èiginn."

Thuirt e gun robh iomadach neach-tadhail - air an robh fàilte ga chur - a' tighinn dhan sgìre gun càil a dh'fhios aca nach biodh tòrr thaighean-beaga ann.

Taic

Tha a' chomhairle choimhearnsachd an urra ri sgìre mhòr de dh'iar-thuath na Gàidhealtachd mu chuairt air Ulapuil agus Dhùn Dòmhnaill

Tha a' Ghàidhealtachd air a bhith gu math trang le luchd-turais bho thòisich riaghailtean an Lockdown a bith air an lagachadh.

Thuirt Mgr Dawson gum bu chòir taic a thoirt do dhaoine aig nach eil fios nach eil mòran thaighean-beaga san sgìre.

Bha "freagairt èiginneach" a dhìth san ùine ghoirid, thuirt e, agus le sin chaidh 90 trubhail òrdachadh.

Tha e an dòchas, ge-tà, gum feuch daoine ri taigh-beag a lorg an toiseach.

Thuirt Mgr Dawson: "Tha mu 100 àite ri oir an rathaid far an urrainn do charbad stad, ach cha robh ach 90 trubhail ri fhaotainn airson a cheannach."

Sgudal

Bidh stiùireadh ann cuideachd bhon bhuidhinn Sreapdaireachd na h-Alba mu a bhith a' campachadh.

Tha Mgr Dawson an dòchas gum bi barrachd thaighean-beaga poblach ri fhaotainn an ath-bhliadhna.

An t-seachdain a chaidh chuir Comhairle na Gàidhealtachd agus buidhnean coimhearsnachd ìmpidh air luchd-tadhail gun càil fhàgail air an cùlaibh ach lorgan coise.

Tha seo an dèidh do thrioblaidean a bhith ann sna beagan sheachdainnean mu dheireadh far an robh luchd-campachaidh a' fàgail sgudail agus salachair às an dèidh.

An t-seachdain a chaidh chuir Comhairle nan Eilean Siar ìmpidh air luchd-tadhail a bha a' siubhail dha na h-eileanan ann am bhanaichean-campachaidh beachdachadh ro làimh air càite am biodh iad a' cur feum air taighean-beaga leis gun robh goireasan fhathast dùinte ri linn a' Choròna-bhìorais.