Lìbhis: grèim air a' ghainmhich ghil

  • Air fhoillseachadh
Tabhartas do Mhàthair na MaraTùs an deilbh, Livones.net
LeTeàrlach Quinnell
Fear-naidheachd a' BhBC

Toiseach an Lùnastail, air tràighean bàna fada iar-thuath Latbhia, cruinnichidh buill de mhion-shluagh dhùthchasach nan Lìbheach airson tabhartas a thoirt do Mhàthair na Mara.

Seinnidh iad òrain ann an tè de na cànanan as sine san Roinn Eòrpa, agus cuiridh iad blàth-fhleasg air a dèanamh de dhuilleagan daraich ma sgaoil air a' mhuir bho eathair, 's bratach an t-sluaigh aca ga thaisbeanadh.

Bratach srianach a th' ann, le trì dathan: aig a' bhonn srian ghorm 'son na mara, srian gheal 'son na tràghad 's an sriop caol de thalamh ghainmheach air an do chùm na Lìbhich grèim fad linntean, le srian uaine aig a' mhullach airson na coille a tha a' lìonadh sealladh na fàire 's tu a' coimhead ris an tìr.

Tha an sluagh seo sgapte an-diugh, ach 's e a' ghaineamh gheal seo tìr an dùthchais - dùthchas a tha a' sìneadh air ais na mìltean de bhliadhnaichean.

An-diugh, tha mu 20 duine ann a tha comasach air còmhradh a chumail ann an Lìbhis (Līvõ Kēļ) - cànan a th' air a h-aithneachadh gu laghail mar chànan tùsanach san dùthaich.

Tha an cànan air a dhol seachad air an ìre chrìonaidh aig a bheil a' Ghàidhlig, agus gun coimhearsnachd thraidiseanta sam bith air fhàgail far am bruidhnear i.

An Līvõd Rānda bho mhullach Taigh-solais PizāTùs an deilbh, Livones.net
Fo-thiotal an deilbh,

A' mhuir ghorm, an tràigh fhada bhàn, 's a' choille - na trì dathan air bratach nan Lìbheach

Cogadh Naomh

Tha na Lìbhich air an aithneachadh san lagh, còmhla ris na Latbhianaich, mar thùsanaich Latbhia.

Suas gu na Meadhan-Aoisean bha iad lìonmhor thairis air an treas cuid den dùthaich ris an canar Latbhia an-diugh - ann an ceann a tuath Kurzeme (Kurāmō ann an Lìbhis), agus air sgrìob mhòr de Vidzeme, air taobh an ear Ghulfa Rìga cuideachd, a thuilleadh air cladach a' Ghulfa gu lèir, a' gabhail a-steach prìomh bhaile na dùthcha an-diugh, Rìga.

Nuair a thug an t-Òrdugh Tiùtonach ionnsaigh, le beannachadh on Phàp, air an dùthaich san 12mh Linn, chuir na Lìbhich phàganach nan aghaidh, ach cha deach leotha. Chaill iad smachd air an fhearann aca, 's thugadh orra gabhail ris a' Chrìosdaidheachd. Chaidh na mìltean mòra aca a mharbhadh, 's chaidh a' chuid as motha de na Lìbhich eile a mheasgachadh leis na Latbhianaich.

Mhair an cànan air taobh an ear Ghulfa Rìga gu na h-1870an, ach mhair dusan bailtean air a' ghainmhich, am fìor cheann a tuath Kurāmō a-steach dhan 20mh Linn.

B' e gun robh na coimhearsnachdan seo beò air sriop caol (mu aon chilemeatair) iomallach de thalamh bhochd eadar a' mhuir agus coille mhòr bhoglach, a dh'fhàg gun do mhair an cànan, nuair a chaidh an còrr de na Lìbhich à fianais anns an t-sluagh Latbhianach.

Cànan Fionnach a th' innte, 's i càirdeach dha Eastònais agus Fionnlannais. Thug Latbhianais (cànan Baltach) buaidh mhòr oirre ge-tà, agus thug Lìbhis buaidh mhòr cuideachd air Latbhianais.

Mar sin dheth, 's e nàisean am broinn nàisein a th' annta - nam pàirt do-sgairte de Latbhia.

Cluinnear an cànan an seo, taobh a-muigh ann am bhidio bhon Līvõd Institūt. Far a bheil fo-thiotalan (Lìbhis gu h-àrd, Latbhianais gu h-ìosal) tha iad a' bruidhinn Lìbhis.

Toiseach na 20mh Linne, bha mu 2,500 duine anns na bailtean a bhruidhneadh an cànan, 's iad a' toirt teachd an tìr às an iasgach, agus à tuathanasan beaga air an talamh bhochd bhàn, a' cur buntàt' is seagail, 's a' cumail sheileannan.

Na bailtean Lìbheach ann an ceann a tuath Kurāmō ann an Lìbhis, 1938Tùs an deilbh, Livones.net
Fo-thiotal an deilbh,

Mapa de bhailtean nan Lìbheach ann an Lìbhis bho 1938

Cha b' e Lìbhis cànan na beatha poblaich ge-tà, agus an sgìre fo uachdarain Ghearmailteach, de shliochd an fheadhainn a cheannsaich an dùthaich aca sna Meadhan-Aoisean.

Nuair a ghairm Latbhia neo-eisimeileachd an toiseach ann an 1918, thòisich ath-bheothachadh air beatha chultarail nan Lìbheach anns na bailtean traidiseanta, le iris-naidheachd ga clò-bhualadh, agus leasanan cànain sna sgoiltean dhaibhsan a roghnaich i - ach dìreach aon uair de thìde san t-seachdain.

Nuair a rinneadh cunntas-sluaigh ann an 1935, cha robh air fhàgail ach 790 duine sna bailtean a bhruidhinn an cànan (29% den t-sluagh Lìbheach) leis na Lìbhich gu lèir a' dèanamh suas 32% de shluagh na sgìre.

Cha robh ach mu 215 duine dhiubh ge-tà, a bhruidhinn an cànan aig an taigh.

Chaidh aig a' choimhearsnachd bhig seo air an Tiomnadh Nuadh eadar-theangachadh dhan chànan aca, a chaidh fhoillseachadh ann an Helsinki ann an 1942. B' ann an Latbhianais a bha seirbheisean na h-eaglaise ge-tà.

Cnàmhlach Bhàt-iasgaichTùs an deilbh, Livones.net
Fo-thiotal an deilbh,

Chasg na Sòibheataich iasgach prìobhaideach, 's cha robh beò-shlaint air fhàgail anns na bailtean. Chaidh an h-eathraichean a shlaodadh on tràigh, 's dh'fhàs craobhan tromhpa.

Reub dà chogadh mòr na 20mh Linne, agus smachd nan Sòibheatach air Latbhia eadar 1944 agus 1990, na coimhearsnachdan air an sriop ghainmhich às a chèile. Gu mì-fhortannach bha iad a' fuireach air an talamh as cudromaiche gu sraiteidseach ann an Latbhia air fad.

Thug na h-ùghdarrasan Sòibhietach air falbh an cothroman beò-shlaint a thoirt a-mach, le bhith a' casg an iasgaich phrìobhaidich.

Dhiùlt iad gabhail ris gun robh leithid de nàisean ann ris na Lìbhich, agus rinneadh geur-leanmhainn air daoine a bhruidhinn Lìbhis gu poblach no a dh'fheuch ri an clann a thogail leis a' chànan. Cha deach an còrr leabhraichean sa chànan fhoillseachadh.

Chuir poileasaidhean nan Sòibheatach san dàrna leth den 20mh Linn cha mhòr a h-uile duine de na Lìbhich a bh' air fhàgail ma sgaoil gu ceithir àirdean Latbhia, agus nas fhaide air falbh - cuid gan cur a Shiberia.

Bhàsaich an neach mu dheireadh a fhuair an cànan aig a' ghlùin ann an coimhearsnachd Lìbhich, Grizelda Kristiņa, ann an Canada ann an 2013. Chaidh an cànan an uair sin a ghairm marbh - rud nach robh buileach fìor.

A b'hlàth-fhleasg ga toirt chun na maraTùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

'S e duais a th' ann don phàiste as fheàrr aig an sgoil shamhraidh a bhith a' sgaoileadh na blàth-fhleasgach air a' mhuir mar thabhartas do Mierjemā (Màthair na Mara)

Coimhearsnachd Ghnìomhach

A dh'aindeoin gach buairidh, chaidh an cànan a thoirt seachad do ghinealach ùr. B' ann aig glùintean an seanairean 's an seanmhairean ge-tà, a fhuair an dream beag sgapte seo i.

Ann an Latbhia gu lèir, tha mu 250 duine a chanas gur e Lìbhich a th' annta, 's tha iad air leth dripeil gu cultarail.

"'S e coimhearsnachd gu math gnìomhach a th' anns na Lìbhich an-diugh," thuirt an Dr. Valt Ernštreit, aig an Līvõd Institūt (an Institiut Lìbheach) Oilthigh Nàiseanta Latbhia, ann an Rìga, a dh'ionnsaich an cànan bho chuid den fheadhainn mu dheireadh aig an robh i sna bailtean.

"Gu math nas gnìomhaiche na shaoileadh daoine, leis cho beag dhaoine 's a th' ann.

"A' coimhead ri leabhraichean a chaidh fhoillseachadh leis a' choimhearsnachd Lìbhich san deich bliadhna mu dheireadh, tha aon leabhar ann airson gach deichnear Lìbheach.

"Tha na leabhraichean sin dàrna cuid ann an Lìbhis no mu dheidhinn Lìbhis.

Còisir LìbheachTùs an deilbh, Līvõd Institūt
Fo-thiotal an deilbh,

Tha ceòl gu math beò ann an coimhearsnachd nan Lìbheach, a dh'aindeoin cho beag dhaoine 's a bhruidhneas an cànan

"Tha triùir bhàird againn, mar eisimpleir, a' sgrìobhadh ann an Lìbhis.

"Uile gu lèir tha seachd còmhlain ciùil anns a' choimhearsnachd, 's tha fèis Lìbheach againn a h-uile bliadhna.

"Tha cuideachd sgoil shamhraidh againn, le 40 duine-cloinne a' tighinn ann, eadar 6 agus 17 bliadhna de dh'aois.

"'S e àireamh ghlè mhath a tha sin," thuirt e.

COVID-19

Tha na bailtean air an Līvõd Rānda (An Cladach Lìbheach) trang as t-Samhradh, agus daoine de shliochd nan Lìbheach am measg na tha a' cumail thaighean samhraidh annta.

As t-Samhradh am-bliadhna tha na bailtean air a bhith nas Lìbhich na tha iad air a bhith o chionn grunn bhliadhnaichean, 's COVID-19 a' toirt air daoine fuireach ann grunn sheachdainnean airson astar a chumail eadar iad fhèin agus am mòr-shluagh.

Sa Gheamhradh ge-tà, 's e glè bheag de dhaoine a tha air fhàgail - thuige seo co-dhiù.

'S e cothroman cosnaidh, agus gu bheil beatha dhaoine a-niste ann an àiteachan eile - bailtean mòra leithid Rìga agus Ventspils mar eisimpleir - as motha a tha a' cur bacadh air ath-bheothachadh sna coimhearsnachdan far an robh an cànan ga bruidhinn fad linntean mòra.

An dèidh do Latbhia a neo-eisimeileachd a ghairm às ùr toiseach nan 1990an, chaidh an Līvõd Rānda a ghairm na thèarmann cultarail do na Lìbhich.

Leabhar LìbhisTùs an deilbh, Līvõd Institūt
Fo-thiotal an deilbh,

Tha grunn leabhraichean Lìbhis air am foillseachadh - fear airson gach deichnear Lìbheach

Cha do mhair sin ach gu 2003 ge-tà, agus duilgheadasan ionmhais a' fàgail gur e glè bheag de bhuaidh a thug e air suidheachadh nan Lìbheach, no air an cànan.

Leis na h-uimhir de dhaoine ga h-ionnsachadh, agus fèin-aithne is dùthchas nan Lìbheach gu math làidir, càite a bheil an cànan 's an cultar seo beò an-diugh? Tha air-loidhne, agus ann an ceòl is litreachas as motha.

'S i tè den ghlè bheag dhaoine a fhuair an cànan aig glùin an seanar, a th' anns a' cheòladair Julgī Stalte.

"Thàinig i thugam na rud àbhaisteach nam bheatha," thuirt i.

"Cha bu mhi a thagh an cànan - b' e an cànan a thagh mise.

"Thachair mo phàrantan ri chèile, agus an dithis aca nan Lìbhich.

"'S ann de Lìbhich Vidzeme a bha m' athair, agus 's ann de Lìbhich Kurzeme a tha mo mhàthair.

"Bha an cànan fhathast aig mo sheanair, agus cuideachd bha ùidh mhòr aig teaghlach m' athar ann an cultar nan Lìbheach.

Baile Vaid (Latbhianais: Vaide).Tùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Dachaigh ann am baile Vaid, an ceann an ear an Līvõd Rānda

"Dh'iarr m' athair air mo sheanair (taobh mo mhàthar) an cànan a chumail beò, agus a chleachdadh aig an taigh.

"Nuair a bha mise agus mo bhràthair beag nar pàistean cha deach sinn gu sgoil-àraich - 's ann a bha sinn còmhla ri ar seanair, agus cha do bhruidhinn e rinn ach Lìbhis.

"'S nuair a thàinig ar pàrantan dhachaigh bha dà chànan againn - Latbhianais agus Lìbhis.

"Ach fhathast bha grunn sheantansan agus fhaclan a bha sinn a' cleachdadh a-mhàin ann an Lìbhis.

Julgī Stalte aig fosgladh oifigeil an Līvõd Institūt aig Oilthigh Nàiseanta Latbhia ann an RìgaTùs an deilbh, Līvõd Institūt
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Julgī Stalte Lìbhis aig glùin a seanar, 's tha i aithnichte ann an Latbhia mar cheòladair a bhios a' seinn sa chànan

"B' e pàirt de ar nàdar a bh' innte. Agus 's e ainm Lìbhis a th' orm.

"Dhomhsa b' e mo sheanair an duine a b' fheàrr air thalamh, 's a bhith a' bruidhinn a' chànain seo ris agus a bhith ag eadar-theangachadh dha aig amannan, bha e àlainn," thuirt i.

Smaoineachadh

A dh'aindeoin sin, chan ann tric a bhruidhneas Julgī an cànan an-diugh.

"An-diugh chan eil mòran dhaoine timcheall orm ris an coinnich mi a h-uile là 's ris am bruidhinn mi an cànan, ach le daoine aig a bheil ùidh, agus le luchd-labhairt eile, ma tha sinn a' sgrìobhadh gu càch a chèile air-loidhne, cleachdaidh sinn Lìbhis.

"Agus nuair a thig sinn còmhla bidh sinn ga bruidhinn.

"Ach a thaobh a' chiùil dheth, fiù 's daoine nach bruidhinn i, 's urrainn dhaibh òrain Lìbhis a sheinn co-dhiù, agus tha sin gan ceangal ris a' choimhearsnachd," thuirt i.

Ann an suidheachadh mar sin ge-tà, chan urrainn gu bheil e furasta grèim a chumail air fileantas.

Ionad fiosrachaidh ann an Kūolka (Latbhianais: Kolka)Tùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Ionad fiosrachaidh ann an Kūolka (Latbhianais: Kolka)

Do Julgī, 's ann an urra riut fhèin a tha sin.

"Cuidichidh an t-seinn, 's a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd, no a bhith ga bruidhinn ri daoine eile uaireannan, 's leughadh - na rudan bunaiteach.

"Ach 's e an rud as cudromaiche, a bhith a' smaoineachadh ann an Lìbhis.

"Nuair a thèid mi dhan choille no chun a' chladaich, bidh mi a' smaoineachadh ann an Lìbhis.

"'S dòcha gur ann bho m' òige a tha sin, 's mòran de na sgeulachdan mu dheidhinn daoine a bhith a' sgur a bhruidhinn a' chànain leis a' chloinn, 's gun robh iad ga bruidhinn ri nàdar 's ri beathaichean ann an Lìbhis - bhon tuigidh iadsan an cànan, gu nàdarra!

Dol fodha na Grèine bho Pizā (Latbhianais: Miķeļtornis)Tùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Dol fodha na Grèine bho Pizā (Latbhianais: Miķeļtornis)

"'S e an rud as cudromaiche airson fileantachd ann an cànan, a bhith a' smaoineachadh innte," thuirt i.

Tha ùidh aig a' chloinn aig Julgī sa chànan, agus bruidhnidh iad beagan dhith.

"Tha na h-uimhir de dh'fhacail is de sheantansan againn a chleachdas sinn a h-uile là.

"Tha mo mhac 21, 's tha esan fileanta ann an Eastònais, 's nuair a bhruidhneas e Lìbhis, thèid aige air a dhol eadar na dhà gu luath, 's mar sin tha esan nas cleachdte ri bhith a' cruthachadh sheantansan, bhon 's ann den aon theaghlach cànain a tha iad.

Kūolka nanā (Latbhianais: Kolkasrags)Tùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Kūolka nanā, (Latbhianais: Kolkasrags) Rubha Kūolka fìor cheann a tuath Kurāmō (Kurzeme)

"'S bha mo nighean as sine gu math moiteil nuair a fhuair i duais an Labhraiche Lìbhis as Fheàrr aig sgoil shamhraidh na Lìbhis am-bliadhna.

"Tha sinn air òrain chloinne a dhèanamh an Lìbhis, agus is math leotha a bhith gan gabhail, agus gan teagasg do chloinn eile," thuirt i.

Fèin-aithne

Tha aonachd cudromach sa choimhearsnachd a th' ann an-diugh, gu h-àraid seach gu bheil i cho beag, agus tha Julgī den bheachd nach fheum an cànan a bhith agad 'son a bhith nad Lìbheach.

"B' e a' mhearachd a bu mhotha a rinneadh san 20 bliadhna mu dheireadh, a bhith ag ràdh nach b' e Lìbheach a bh' ann an duine mura robh an cànan aca," thuirt i.

Tràigh Pizā (Latbhianais: Miķeļtornis)Tùs an deilbh, Eile
Fo-thiotal an deilbh,

An tràigh aig baile Pizā (Latbhianais: Miķeļtornis) an ceann an iar an Līvõd Rānda

"Bha sin mar sgian tron chridhe do mhòran theaghlaichean, bhon cha robh cothrom aca air a' chànan.

"Ma chaill do theaghlach an cànan o chionn fhada, agus duine ag ràdh nach e Lìbheach a th' annad seach nach eil an cànan agad, thug sin buaidh mhòr.

"Ach gu pearsanta, tha mise den bheachd gu bheil e cudromach cuimhneachadh gur e na Latbhianaich an ath-cheum de na Lìbhich.

"5,000 bliadhna còmhla, leis a' Chànan Latbhianach, 's leis a' chultar Latbhianach, tha sin air a thogail air dà chois - daoine Fionnach-Ugrach agus daoine Baltach.

"Tha iad co-ionnan mar luchd-stèidheachaidh Latbhia.

"Tha mòran fhaclan Lìbhis ann an Latbhianais, agus mòran smuaintean cultarail.

"Tha e coltach ri èabhlaid, ach a bhith a' cumail nan gineachan as sine beò aig a' cheart àm," thuirt i.

Creideamh

'S e Pàganach a th' ann an Julgī, agus tha cànan a sinnsear air leth cudromach a thaobh a' chreideimh aice.

"Tha gaol agam air miotasachd Lìbhich, agus tha fhios agam gu bheil e cudromach a bhith a' conaltradh ri nàdar," thuirt i.

"Agus 's i Lìbhis a th' aig na bàn-diathan 's na diathan uile a th' ann an nàdar!

"Mar sin, ma tha mi airson bruidhinn ris an nàdar àlainn timcheall orm, feumaidh mi cànan a thuigeas iad gu math," thuirt i.

Abhainn Īra (Īra Joug)Tùs an deilbh, Uldis Balodis
Fo-thiotal an deilbh,

Abhainn Īra (Īra Joug) ann am meadhan an Līvõd Rānda

Dè tha an dàn don t-sluagh bheag ghnìomhach seo ma-tha?

Ged a tha an dualchas aca prìseil, 's ann le sùil air na tha ri teachd a tha a' chuid as motha de na daoine a tha an sàs.

"Tha an traidisean a' leantainn, ach 's e an rud as cudromaiche dhomhsa, nach bi sinn a' bruidhinn mu bhith a' glèidheadh an dualchais," thuirt Valt Ernštreit.

"Bruidhnnidh sinn barrachd mu bhith a' cruthachadh stuth ùr.

"Bha consairt againn aig Fèis nan Lìbheach am-bliadhna, agus sia còmhlain fa-leth a' cluich.

"B' e stuth ùr a bh' ann an 80% de na sheinn iad.

"Dhomhsa, tha sin a' dearbhadh gu bheil an nàisean comasach air maireachdainn beò.

"Ma 's ann ag amas air an dualchas a th' agad mar thà a chumail beò a tha ealain, chan ann air na tha ri teachd a tha do shùil.

"Tha sin a' fàgail nan Lìbheach gu math eadar-dhealaichte bho chàch."

An dèidh 5,000 bliadhna de bhith a' greimeachadh ri beatha air a' ghainmhich ghil, tha na Lìbhich cleachdte ri bhith a' gabhail ri atharrachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh