Naidheachdan 11:00m

Chaidh an dràibhear agus an sgrùdaire thiceadan a chaill am beatha anns na tubaist-rèile ann an Siorrachd Obar Dheathain an-dè ainmeachadh le Scotrail. Bha Bret MacUllaich aig stiùir an trèana nuair a thàinig i far nan rèilichean faisg air Stonehaven madainn an-dè. Chaidh an sgrùdaiche thiceadan ainmeachadh mar Dhòmhnall Dinnie. Cha deach an treas neach a chaidh a mharbhadh ainmeachadh fhathast, ach tha e air a thuigsinn gun robh e am measg an luchd-siubhail a bh' air bòrd. Thuirt Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Mìcheal MacMhathain, gun robh an dràibhear a' feuchainn ri tilleadh air ais a dh'Obar Dheathain nuair a thachair an tubaist, agus gu bheil e a-niste soilleir gun robh gnothach aig an droch shìde ris na thachair. Tadhlaidh Rùnaire Còmhdhail na Rìoghachd Aonaichte, Grant Shapps, air làrach na tubaiste an-diugh fhathast.

Thuirt NHS Roinn a' Mhonaidh gu bheil iad a' rannsachadh cùis de ChOVID-19 co-cheangailte ri bun-sgoil ann an Ceann Phàdraig. Tha iad ag ràdh gu bheil sgiobaidhean ag obair gu cruaidh gus lorg fhaighinn air feadhainn a bha an lùib an neach a th' air an gànrachadh, agus iad a' toirt comhairle dhaibh fèin-aonranachadh. Thuirt Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain gun do dhùin iad Bun-sgoil a' Mheadhain ann an Ceann Phàdraig airson adhbharan slàinte a' phobaill, agus gu bheil cuid de luchd-obrach na sgoile a-niste a' fèin-aonranachadh.

'S tha amharas ann gu bheil an Coròna-bhìoras air co-dhiù naoinear ann an Arcaibh, 's ceangal ga dhèanamh ris a' ghrad-èirigh ann an Obar Dheathain o chionn ghoirid. Tha e air a thuigsinn gur ma dh'fhaoidte gun deach am bhìoras a thoirt gu eileanan Arcaibh le feadhainn a bha a' tilleadh dhachaigh airson fèin-aonranachaidh às dèidh dhaibh comharran a' ghalair a nochdadh. Thuirt an t-Àrd-Oifigear eadar-amail aig NHS Arcaibh, Mìcheal Dixon, gu bheil dragh air gu bheil am bhìoras a' sgaoileadh aig astar anns a' choimhearsnachd.

Tha dùil gum buannaich Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, bhòt cion-earbsa ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. Tha na Tòraidhean, na Làbaraich agus na Libearalaich Dheamocratach uile airson 's gun tèid a chur às a dhreuchd mar thoradh air na trioblaidean le comharran nan deuchainnean sgoile. Ach tha am Pàrtaidh Uaine air leigeil fhaicinn gun cuir iadsan cùl-taic ri Mgr Swinney, 's iad ag ràdh gu bheil e air na h-iarrtasan aca a choileanadh air fad.

Chaidh aon duine a ghoirteachadh ann an tubaist-rathaid ann an Loch Abar nuair a chaidh bhana agus càr an comhar a chèile ann an sgìre na Morbhairne. Thachair an tubaist mu 07:30m an-diugh sa mhadainn faisg air Achadh Lic ri taobh Loch Shuaineirt. Thuirt na Poilis gun do rinn criutha a' charbaid-eiridinn cobhair air dràibhear a' chàir, agus gu bheil iad air rathad an A884 fhosgladh a-rithist.

Agus tha a' chompanaidh turasachd as motha ann am Breatainn ag ràdh gu bheil iad air àrdachadh mòr fhaicinn anns na h-àireamhan dhaoine a tha a' cur làithean-saora air dòigh leotha airson na h-ath-bhliadhna. Tuirt TUI gu bheil an àireamh a tha a' bucadh làithean-saora airson an t-Samhraidh seo tighinn air a dhol an-àirde 145%.