Cùis de Chovid-19 ceangailte ri sgoil an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Bun-Sgoil Cheann a' MhìlidhTùs an deilbh, Richard Dorrell / Geograph

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil aonan den luchd-obrach aig Bun-Sgoil Cheann a' Mhìlidh an Inbhir Nis air dearbhadh fhaighinn gu bheil Covid-19 orra.

Thuirt oifigearan foghlaim gun deach gach ceum iomchaidh a ghabhail san sgoil agus gun deach glanadh a dhèanamh mar a bu chòir.

Ann an litir gu pàrantan, thuirt a' Chomhairle nach robh comharran Chovid-19 air an neach agus nach eil iad air a bhith faisg air sgoilearan bho Dihaoine seo chaidh.

Dìon

Tha an neach a-nis gan cumail fhèin fa leth agus tha sgioba dhìon shlàinte NHS na Gàidhealtachd air bruidhinn ri gach neach a bha faisg orra.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gun do dh'iarr iad comhairle a bharrachd bhon NHS agus gun deach innse dhaibh nach robh feum air deuchainnean a bharrachd airson luchd-obrach neo sgoilearan leis nach robh iad air a bhith faisg air an neach air a bheil Covid-19.

Dh'innis iad ge-tà, nach bu chòir sgoilearan a dhol dhan sgoil ma tha comharran sam bith den Choròna-bhìoras orra.

Tha seo ann is grunn chùisean ùra den bhìoras ceangailte ri sgoiltean ann am pàirtean eile de dh'Alba.