Seann Rathad an Airm fosgailte

  • Air fhoillseachadh
A83 aig an Rest and be ThankfulTùs an deilbh, BEAR SCOTLAND
Fo-thiotal an deilbh,

Tha obair a' leantainn aig an A83.

Chaidh Seann Rathad an Airm ann an Gleann a' Chrò ann an Earra-Ghàidheal fhosgladh a-rithist.

Chaidh an rathad, a bhios air a chur gu feum mar shlighe-èiginn nuair a tha an A83 dùinte aig an Rest and Be Thankful, a dhùnadh aig meadhan-là Dimàirt is rabhadh buidhe ann airson uisge throm.

Rinneadh measadh air an t-suidheachadh a-rithist tràth Diciadain is chaidh an rathad fhosgladh às ùr.

Tha obair-càraidh a' leantainn air an A83 fhèin aig an Rest and Be Thankful às dèidh maoim-slèibhe bho chionn cola-deug.