Dùil ri fear sa chùirt co-cheangailte ri bàs an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Poilis ann an Inbhir Nis far an do bhàsaich an duine.
Nochdaidh fireannach aois 65 sa chùirt Diciadain an co-cheangal ri bàs fireannaich eile an Inbhir Nis.
Bhàsaich John Birrell, 55, an dèidh aithrisean mu bhuaireadh ann an sgìre na Pàirce Duibhe den bhaile feasgar Diluain.
Chaidh a ghairm marbh an dèidh do na seirbheisean èiginneach an làrach a ruighinn mu 6f.
Thuirt na Poilis gun deach rannsachadh bàis a dhèanamh is gu bheil iad a' dèiligeadh ris a' ghnothach mar chùis amharasach.

Chaidh am fear a chaochail ainmeachadh mar John Birrell.