Coltas gun do bhuail iolaire an crann-gaoithe
- Air fhoillseachadh

Tha e coltach gun do bhuail iolaire-mhara a fhuaireadh air a leòn air a' mhòintich ann an Leòdhas ann an crann-gaoithe.
Chaidh an iolaire a lorg le dithis às an eilean faisg air an Achadh Mhòr air Rathad a' Phentland air an 10mh den Lùnastal.
Thuirt an SSPCA gun robh i air a goirteachadh gu dona mun ceann is gun robh i "ga h-ithe beò leis a' mheanbh-chuilleig".
Taga
"Chaidh an iolaire a lorg ann an ceàrn iomallach den eilean faisg air crann-gaoithe mòr is tha e coltach gur e sin a ghoirtich i", thuirt Maggie Adkins bho RSPB na h-Alba.
"Gu fortanach, sheall X-ray nach deach cnàmhan sam bith a bhristeadh", thuirt i.
Sheall taga saideil a chuir RSPB na h-Alba air an eun gun do rugadh an iolaire ann an Leòdhas ann an 2009.
Tha an SSPCA a-nise a' coimhead às dèidh an eòin is tha iad an dòchas a leigeil ma sgaoil a-rithist nuair a tha e slàn fallain.