Cead airson ionad fànais air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Ionad Fànais CataibhTùs an deilbh, Norr Consultants Ltd
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh de phlanaichean airson Ionad Fanais Chataibh

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt dhan chiad ionad saidealan a bhios an Alba.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd ag iarraidh Ionad Fànais Chataibh a thogail air a' mhòintich faisg air Tunga.

Chaidh làraich eile an Alba a mholadh mar àiteachan airson saidealan nas lugha a chur dha na speuran.

Fhuair ionad Chataibh cead-dealbhachaidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd an dèidh do Riaghaltas na h-Alba innse nach gairm iad an co-dhùnadh a-steach thuca fhèin.

Cosnaidhean

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gun d' fhuair iad 457 gearain agus gun do chuir 118 neach no buidheann taic ris na planaichean.

Dh'fhaodadh 12 saideal an t-ionad fhàgail gach bliadhna, le cuid a' sgrùdadh atharrachadh na gnàth-shìde.

Tha an fheadhainn a th' air cùl nam planaichean ag ràdh gum faodadh timcheall air 250 cosnadh a bhith air an cruthachadh, le 61 aca ann an Cataibh agus Gallaibh.

Cosgais

Cheadaich Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean suas ri £17.3m de mhaoineachadh airson dealbhachadh agus obair togail. Thig £9.8m bho HIE, £5m bho Ùghdarras an Dì-Choimiseanaidh Niùclasaich agus £2.5m bho Bhuidheann Fànais na Rìoghachd Aonaichte.

Chuir Ministear Nuadhas na h-Alba, Ivan McKee, fàilte air a' chead-dealbhachaidh.

Thuirt e: "'S e ceum mòr air adhart a tha seo dhan phròiseict agus do phlanaichean na h-Alba a thaobh obair saidealan."

Thuirt Graham Turnock bho Bhuidheann Fànais na Rìoghachd Aonaichte gu bheil Ionad Fànais Chataibh cudromach a thaobh nam planaichean a th' aig Breatainn airson na h-obrach seo.