Urras toilichte mu cho-dhùnadh Chùirt an t-Seisein

  • Air fhoillseachadh
Crann gaoithe

Chuir Urras Steòrnabhaigh fàilte air breithneachadh a' Mhorair Chàrlabhaigh gun cead a thoirt dha na ceithir bailtean croitearachd - Sanndabhaig, Aiginis, Mealabost agus Bràighe na h-Aoidhe - muilnean-gaoithe a thogail air talamh ionaltraidh.

Cho-dhùin Cùirt an t-Seisein gun dèanadh e cron air na planaichean aig an uachdaran airson tuath-gaoithe Steòrnabhaigh.

Chuir Coimisean na Croitearachd agus Cùirt an Fhearainn roimhe an aghaidh iarrtas nam bailtean.

'S ann le Urras Steòrnabhaigh a tha am fearann agus tha an t-uachdaran poblach as sine an Alba air cead a thoirt do chompanaidh eile, Lewis Wind Power, leis a' chompanaidh mhòr Fhrangach, EDF, os a chionn, airson tuath-gaoithe mòr a thogail air an aon làraich.

Thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair: "S e faochadh a th' ann gum faod pròiseict tuath-gaoithe Steòrnabhaigh gluasad air adhart mu dheireadh thall."

Bha e ag ràdh gu bheil e dhan bheachd gur e naidheachd mhath a th' ann dha na bailtean cuideachd is e ag ràdh gum faigh iad teachd a-steach bhon tuath-gaoithe.