Comhairle Mhoireibh gan càineadh

  • Air fhoillseachadh
Nighean ògTùs an deilbh, PA

Chaidh iarraidh air Comhairle Mhoireibh cantainn gu bheil iad duilich mu dhèidhinn fàiligidhean mòra a thaobh mar a bha iad a' dèiligeadh ri cloinn ann an cùram.

Thuirt Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba gum bu chòir dhaibh coimhead ri daoine eile anns an teaghlach a dh'fhaodadh coimhead às dèidh chloinne an àite an cur ann an cùram, gum bu chòir feart a thoirt do bheachdan nan daoine sin agus gum bu chòir cothrom a thoirt dhaibh a dhol gu èisteachdan chloinne.

Fhuair iad gearain as leth boireannaich às dèidh mar a chaidh an dithis chloinne aice a chur ann an cùram is òrdugh cùirte ann anns an t-Sultain 2016.

Bha an gearain ag ràdh nach do rinn a' chomhairle gu leòr gus fiosrachadh fhaighinn mu chùram agus foghlam na cloinne.

Ghabh an ombudsman ris a' ghearain agus chuir iad a-mach liosta de 15 rudan a dh'fheumas an t-ùghdarras ionadail a leasachadh.

Thuirt Comhairle Mhoireibh gu bheil iad a' gabhail ris a' cho-dhùnadh, gu bheil iad duilich agus gun cur iad leasachaidhean an sàs.

Tha an carthannas Parent Advocacy and Rights, a riochdaich an teaghlach, ag ràdh gu bheil riaghailtean nas cruaidhe a dhìth airson òrdughan dìon chloinne agus gu bheil an aithisg a' cur taic ris an iarrtas sin.