Cùis Covid-19 ùr aig sgoil an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Tha cùis de Chovid-19 aig an dàrna bunsgoil an Inbhir Nis.
Tha dùil gun deach dearbhadh gu bheil e air leanabh aig Bun-sgoil Dhail an Eich.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum fuirich an sgoil fosgailte, ach gum feum clann a bha faisg air an leanabh fuireach aig an taigh airson ceala-deug.
Tidsear
Tha seo a' tighinn is an bhìoras air tidsear aig Bun-sgoil Cheann a' Mhìlidh - a tha cuideachd air taobh an iar a' bhaile.
Tha an neach-teagaisg a' fuireach aig an taigh an-dràsta.
Bha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach robh an neach-teagaisg faisg air cloinn bho Dhihaoine an t-seachdain a chaidh agus gun deach barrachd glanaidh a dhèanamh aig an sgoil.
Tha àireamhan ùra bho Riaghaltas na h-Alba a' sealltainn gun deach cùis de Chovid-19 a dhearbhadh gach là thairis air an trì là mu dheireadh air Ghàidhealtachd.
Suidheachadh na h-Alba
Thuirt am bòrd slàinte gu bheil fianais ann gu bheil an àireamh de chùisean ag èirigh air feadh Alba.
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, gu bheil a h-uile oidhirp ga dhèanamh clann-sgoile agus luchd-teagaisg a chumail sàbhailte.