Home Farm fo shealbh na roinne poblaich?
Nochd iarrtas às ùr gun tèid dachaidh cùraim Home Farm ann am Port Righ a thoirt fo shealbh na roinne poblaich.
Thuirt Calum Rothach, a tha na chomhairliche san Eilean Sgitheanach, gun d' thàinig e mar chlach às an adhar gun robh Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim air a' chùis lagha gus cead a bhith a' ruith dachaigh-cùraim Home Farm a thoirt bho HC-One a leigeil seachad.
Bhruidhinn Maighstir Rothach ri Karen Elder.