Dòchas às ùr 'son Àranais

  • Air fhoillseachadh
Àranais

Tha Gàrradh Àranais ann an Leòdhas a' deasachadh airson pàirt den obair-togail a dhèanamh airson tè de na tuathan-gaoithe aig muir as motha a bhios san t-saoghal.

Tha dòrlach luchd-obrach air am fastadh mar thà airson tòiseachadh a' deasachadh a' ghàrraidh, agus tha dùil ris a' chiad stàlainn ann am beagan is mìos eile.

Ged a tha BiFab, a tha a' ruith Àranais, air gealladh fhaighinn bho thuath-gaoith Neart na Gaoithe gum faigh iad earrann dhan obair togail air a son, chan eil ann ach cùmhnant beag a thèid a dhèanamh ann am Fìobha.

Ach tha BiFab cuideachd air obair fhaighinn airson tuath-gaoith Seagreen a bhios 16 mìle a-mach bho chladach Fìobha agus thig earrann den obair sin a dh'Àranais.

Leasachadh

Cruthichidh Seagreen còrr 's gigawatt de dhealan.

'S urrainn do Ghàrradh Àranais na crainn agus na seacaidean stàlainn a bhios a dhìth a thogail, cho math ri pìleachan stàlainn airson na seacaidean a cheangal ris a' ghrunnd, agus na pìosan a bhios a' ceangal nan crann ris na bunaitean.

Tha dùil gun tig a' chiad luchd de stàlainn a dh'Àranais ann am mìos gu leth eile agus gun lean an obair gu an ath-bhliadhna.

Tha dùil cuideachd gun tèid dà thuath-gaoithe eile a cheart cho mòr a chur an cois na ciad tè mus bi leasachadh Seagreen deiseil.

Dh'fhaodadh seo cothroman a thoirt a dh'Àranais air obair a sheasas grunn bhliadhnaichean mar a thèid leasachadh nan tuathan-gaoithe aig muir air adhart.