Binn gus a dhol air Hashem Abedi
- Air fhoillseachadh

Hashem Abedi
Thèid binn a chur air bràthair bhomair Mhanchester Diardaoin airson 22 duine a mhurt.
Bha Eilidh NicLeòid, 14, à Barraigh nam measg.
Dh'obraich Hashem Abedi, 23, còmhla ri a bhràthair Salman, gus stuthan fhaighinn airson am boma a dhèanamh.
Dhiùlt e a chealla fhàgail Diciadain, 's an Old Bailey ann an Lunnainn a' cluinntinn fianais bho theaghlaichean a chaill càirdean.
Thuirt am britheamh Mgr Jeremy Baker nach robh cumhachd aige toirt air Abedi a bhith an làthair sa chùirt.
Chaidh brath sgrìobhte bho phàratan Eilidh NicLeòid a leughadh is iad ag ràdh nach eil là a' dol seachad gun bhròn agus strì.
Chaidh na ceudan de dhaoine a leòn nuair spreadhadh Salman e fhèin aig consairt Ariana Grande aig Arena Mhanchester sa Chèitean 2017.