Naidheachdan 11:00m

Covid-19

Bidh tuilleadh fiosrachadh aig Nicola Sturgeon feasgar air suidheachadh an lockdown. Tha dùil gun can i gu bheil adhartas ann ach le rabhadh bhuaipe cuideachd gur dòcha nach bi an togail cho luath 's a dh'iarradh feadhainn. Tha e coltach gum faod ionadan mar casinos, tallaichean bingo agus cur-seachadan eile fosgladh. Tha dùil cuideachd gun tòisich leasanan dràibhidh a-rithist.

Poilis

Chaidh innse do dh'Ùghdarras Poileas na h-Alba an-diugh gun do chuir poilis ann an Alba cumhachdan èiginneach a' choròna-bhìorais am feum còrr is 62,000 turus. Cha deach dad a dhèanamh, a bharrachd air rabhadh ann an còrr is 90% de na cùisean sin. Ach bha daoine anns na sgìrean as miosa dheth den dùthaich dusan turus nas coltaiche càin a dhol orra airson riaghailtean Covid a bhristeadh.

Tòraidhean

Thuirt ceannard ùr nan Tòraidhean ann an Alba, Dùbhghlas Ros, gum bu chòir do Rùnaire an Fhoghlaim do Shasainn, Gavin Williamson, beachdachadh air fhèin anns an dreuchd sin leis na th' ann de chonnspaid mu na deuchainnean-sgoile. Thuirt Mgr Ros, Ball-Pàrlamaid Mhoireibh, gum bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a bhith air an cùrsa atharrachadh na bu luaithe air a' chùis, an dèidh na thachair ann an Alba. Tha deugairean ann an Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath a' faighinn buil nan deuchainnean GCSE an-diugh, stèidhichte air moladh nan tidsearan, seach an siostam measaidh connspaideach, algorithm.

Ionnsaidhean feiseil

Tha Poileas Alba a' rannsachadh aithrisean air ionnsaighean feiseil aig sgoil dhannsa ballet ann an Earra-Ghàidheal. Dh'fhàg leas phrionnsabal Ballet West Scotland, Jonathan Barton, a dhreuchd nuair a thàinig na casaidean am follais an t-seachdain seo chaidh. Chaidh a mhàthair-san, prionnsabal na sgoile, a cur far a h-obair rè-ùine. Thuirt na poilis gun d' fhuair iad na h-uimhir de ghearainean bhon uair sin air dol a-mach mì-choltach aig an sgoil.

Saor-phort

Tha oidhirp a' tòiseachadh an-diugh air saor-phort a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd aig am biodh sùbailteachd a thaobh chìsean agus cusbainn. Tha Ùghdarras Linne Chrombaigh a' feuchainn ri airgead a tharraing dhan sgìre mar phàirt de phlana Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a tha ag amas air saor-phuirt a stèidheachadh air feadh Bhreatainn airson leasachadh agus fàs a bhrosnachadh às dèidh Brexit.