Na poilis a' sgrùdadh theintean

  • Air fhoillseachadh
Càraichean an dèidh teine
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gun thòisich na teintean ro 04:00 madainn Diciadain

Tha na poilis ann an Steòrnabhagh a' sgrùdadh theintean ann an dà charbad aig Ionad Gnìomhachais Marybank.

Tha dùil gun thòisich na teintean ro 04:00 madainn Diciadain.

Thuirt na poilis gu bheil iad amharasach mu mar a thòisich iad.

Dh'iarr na poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh gu 101, a' cleachdadh na h-àireamh 0426 an 19mh là dhen Lùnastal.

Faodar cuideachd fònadh gu Crimestoppers air 0800 555 111.