Sgrùdadh mu sgoil bhallet an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Dannsairean balletTùs an deilbh, PA Media

Thòisich na poilis rannsachadh air casaidean de dhol-a-mach drabasta an aghaidh oileanaich aig sgoil bhallet an Earra-Ghàidheal.

Rinn ITN aithris mu Bhallet West Scotland, aig a bheil àrd oifis ann an Taigh an Uillt, anns an tuirt còrr air 60 boireannach gun dh'fhulaing iad dol a-mach mì-iomchaidh.

Chaidh neach-obrach a cur às a dreuchd co-cheangailte ris na casaidean.

Tha Poileas Alba air grunn ghearainean fhaighinn bhon uair sin agus tha iad ag ràdh gun dèan iad làn rannsachaidh.

Chuir bòrd urrasairean Ballet West fàilte air an sgrùdadh agus dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh bruidhinn ris na poilis.