HIAL 'coma' mu choimhearsnachdan eileanach

  • Air fhoillseachadh
Comhairle nan Eilean Siar

Dh'fhàg ceannardan Comhairle nan Eilean Siar air manaidsearan Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean Earranta (HIAL) nach eil iad idir a' toirt feairt air coimhearsnachdan eileanach ann a bhith a' gluasad air adhart le atharrachadh air seirbheisean iùil phlèanaichean.

Seo às dèidh do HIAL innse gu bheil iad a' fastadh luchd-comhairleachaidh a nì sgrùdadh air buaidh nam planaichean aca air daoine anns na h-eileanan.

Tha cead aig HIAL mar thà an t-seirbheis iùil airson puirt-adhair Sumburgh, Dùn Dè, Steòrnabhagh, Circeabhail agus Inbhir Nis a ghluasad gu bhith air a ruith bho aon ionad ann an Inbhir Nis.

Thug a' Chomhairle rabhadh seachad gun caillear cosnaidhean cudromach sna h-Eileanan Siar fo na planaichean.

Thuirt iad gu bheil seo a' dol an aghaidh spiorad reachdais ùir Riaghaltas na h-Alba gus dìon a chur air eileanan.

Thuirt cathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil coltas "eacarsaich air pàipear" air na tha HIAL a' dèanamh agus gur e gluasad "ro bheag, ro anmoch" a bha seo.