Stoirm a' toirt buaidh air tuathanas-èisg an Earra Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Mapa

Tha tuathanas-èisg ann an Càradal a Tuath faisg air Ceann Loch Chille Chiarain air briseadh air falbh bhon acair aige anns a' ghaoith.

Dh'innis a' chompanaidh Mowi, leis a bheil e, gu bheil iad air grèim fhaighinn air 's air a cheangal às ùr rè ùine, aig an làraich aca.

Tha mu leth mhillean bradan am broinn nan ceidsichean, ach chan eil dùil gun d'fhuair gin aca mu sgaoil.

Chaidh innse do Mharine Scotland, agus nithear sgrùdadh air a' chùis aon uair 's gun socraich an stoirm.