"Ath-leasachadh a dhìth air còraichean fearainn"

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe

Tha croitearan à Leòdhas a bha ag iarraidh muilnean-gaoithe a thogail air talamh ionaltraidh, a chaidh a dhiùltadh aig ath-thagradh an t-seachdain sa aig Cùirt an t-Seisein, ag iarraidh gun coimhead buill Pàrlamaid air puingean a chaidh a thogail sa bhreithneachadh.

Cho-dhùin Cùirt an t-Seisein Diciadain (19mh an Lùnastal) gun cead a thoirt do cheithir bailtean croitearachd muilnean-gaoithe a thogail ri linn 's gun dèanadh e cron air na planaichean aig Urras Steòrnabhagh airson tuath-gaoithe mòr a thogail.

Chuir Coimisean na Croitearachd agus Cùirt an Fhearainn an aghaidh iarrtas nan ceithir bailtean - Sanndabhaig, Aiginis, Mealabost agus Bràighe na h-Aoidhe - roimhe seo.

Dh'fhoillsich na croitearan na briathran a leanas ann am freagairt ri co-dhùnadh na cùirte.

Thuirt a neach-labhairt: "Ged a tha sinn duilich gun deach co-dhùnadh an ath-thagraidh nar n-aghaidh, tha sinn a' cur fàilte air beachd na cùirte agus na thuirt iad a' toirt seachad an co-dhùnadh agus tha sinn an-dòchas gun tèid coimhead air na briathran sin agus gun dèan buill phàrlamaid ruideigin mu dheidhinn."

Linn Bhictoria

Thuirt a' chùirt, a' toirt seachad an co-dhùnadh: "Mar fo-sgrìobhadh, dh'fhaodar a ràdh gu bheil a chùis a tha seo a' togail air draghan sa chumantas mu bhith a leasachadh air mu dh'fhaoidhte talamh croite nach eilear a' cur gu feum, talamh ionaltraidh na mheasg. Chan eil feumalachdan coimhearsnachdan croitearachd coltach ris an fheadhainn a bh' ann an linn Bhictoria. Leis mar a bha tagraidhean eile chun an fheadhainn a fhreagair (Coimisean na Croitearachd), dh'fhaodadh e bhith air fhagail acasan tighinn gu co-dhùnadh air dè cho freagarrach sa tha leasachadh, a' gabhail a-staigh a' bhuaidh air a h-uile duine, a buntainn ris na puingean ann an earrann 58A(7) den Achd 1993. Chan eil seo ceadaichte fon lagh an-dràsta.

Veto

"Bha veto aig an uachdaran agus chan eil sin ceart no ciallach.

"Tha sinn gu dearbh ag aontachadh leis a mhion-sgrùdadh sin agus sin an t-adhbhar a thug sinn an ath-thagradh chun na cùirte sa chiad àite", thuirt neach labhairt nan croitearan.

"Tha sinn a' creidsinn gun robh a' chùirt ceart ann a bhith a togail bhon chùis againne gu bheil duilgheadasan ann an Achdan Croitearachd agus tha sinn den bheachd gu bheil e a-nis airson Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air an lagh san dòigh sa tha a chùirt a mìneachadh", thuirt iad.