Toileachas gum fosgail goireasan spòrs tràth
- Air fhoillseachadh

Fosglaidh goireasan spòrs nas tràithe na bha dùil
Thuirt a' bhuidhean Highlife na Gàidhealtachd gu bheil iad toilichte a bhith a' fosgladh ghoireasan spòrs dà sheachdain nas tràithe na bha dùil.
Cheadaich Riaghaltas na h-Alba gum fosgail amaran-snàimh agus diomaichean a-rithist bhon là mu dheireadh den Lùnastal.
Bidh feum aig luchd-obrach air trèanadh a bharrachd, agus bidh casg air na dh'fhaodas de dhaoine a bhith am broinn thogalaichean, 's bheirear cuid de dh'uidheamachd ann an diomaichean air falbh gus rùm a bharrachd a chruthachadh airson astar a chumail eadar daoine.
Na h-Eileanan an Iar
Aig a' cheart àm, tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil dùbhlain shònraichte mun coinneimh-san a thaobh a bhith a' fosgladh ghoireasan spòrs às ùr, leis gu bheil còig de na sia ionadan a tha an t-ùghdarras a' ruith stèidhichte ann an sgoiltean.
Thuirt a' Chomhairle gur e am prìomhachas aca daoine òga a thilleadh dha na sgoiltean, 's am fogham a thoirt air ais dhan àbhaist cho luath 's a ghabhas.
An Dàmhair
Ri linn sin, bidh cothrom nas lugha ann air na goireasan spòrs tro uairean sgoile suas gu làithean-saora an Dàmhair.
Nìthear ath-sgrùdadh air sin gach trì seachdainean.
A-rithist, bidh casg air na dh'fhaodas de dhaoine a dhol ann ri linn astarachaidh shòisealta.