Oidhirp air murt an Inbhir Ùige

  • Air fhoillseachadh
Seacaid poilis

Chuir na poilis ceathrar an grèim co-cheangailte ri oidhirp deugaire a mhurt ann an Inbhir Ùige.

Chaidh aithris gun do ghabh an ionnsaigh air fireannach, 17 bliadhna a dh'aois, àite mu 11.00f. Oidhche Dhiardaoin.

Chaidh pàirt de Sràid MhicRath ann an sgìre Phulteneytown a ghearradh dheth is na poilis a' sgrùdadh na làraich.

Dhearbh na poilis gun deach fireannaich, aoisean 18, 24 agus 31, agus boireannach 30 bliadhna a dh'aois, a chur an grèim.

Tha na poilis ag iarraidh air luchd-fianais a thighinn air adhart.