Dragh mu luchd-campachaidh sna Hearadh
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh ag iomairt airson lagh a chumas smachd air an àireimh de bhanaichean-campachaidh a tha a' tighinn dhan eilean.
Bhon a thòisich luchd-turais a' siubhal dha na Hearadh a-rithist tha muinntir an àite air a bhith a' gearain mu dheidhinn sgudail a tha na bhanaichean a' fàgail às an dèidh, mar a tha iad a' parcadh is a' campachadh gun chead, agus an dol a-mach mì-iomchaidh aig cuid den luchd-turais.
A rèir Iain MhicLeòid, Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh, feumaidh lagh a bhith ann airson an trioblaid seo a sheachnadh an ath-bhliadhna.
"An trioblaid a th' ann tha tòrr de na làraich campachaidh nach eil fosgailte", thuirt Mgr MacLeòid.
Goireasan
"Chaidh sin a chur a-mach air na meadhanan sòisealta agus chaidh sanasan a thoirt dhaibh ann an Ùig agus ann an Ulapul nach robh na goireasan ann a b'àbhaist a bhith ann airson nam bhanaichean campachaidh, neo do dhaoine a bha airson a bhith a' campachadh a-muigh.
"Agus tha trioblaidean ann a-nis gu bheil daoine a' dèanamh bùraich air feadh an àite.
"Disathairne 's a chaidh bha còrr is 20 bhana-campachaidh ann an camas-rathaid an ceann an iar na Hearadh. Cha robh iad air làraich. Mar sin tha sgudal ann.
"Tha iad a' salachadh air feadh an àite. Tha na tràighean salach. 'S e cùis nàire th' ann, rudan a tha a' tachairt anns na Hearadh an-dràsta", thuirt e.
Lagh
"Aig an àm seo am bliadhna tha droch theansa gun urrainn càil atharrachadh. Ach feumaidh lagh a bhith air a thoirt a-staigh nach bu chòir daoine a bhith a' tighinn air na bàtaichean-aiseig mura bi àite aca aig na làraich campachaidh.
"Bha bhanaichean-campachaidh riamh a' tighinn agus cha robh cus dragh annda. Ach tha a leithid a' tighinn a-nise.
"Feumaidh lagh tighinn a-staigh. Tha uiread a' tighinn a-staigh agus chan eil àite air an son.
"Feumaidh ruideigin a bhith air a dhèanamh", thuirt Mgr MhicLeòid.