Ùrachadh a dhìth air slighe an Inbhir Nis
Nochd iarrtas airson na slighe coiseachd aig Teàrmann Nàdair Mharc-Innis ann an Inbhir Nis ùrachadh.
Chaidh pàirt den t-slighe, a th' air a dèanamh a-mach à fiodh, a dhùnadh an t-seachdain seo chaidh leis gun robh i ann an staid chunnartach.
Chaidh obair-càraidh a dhèanamh oirre, agus ged a chaidh pàirt dhith fhosgladh a rithist, tha dragh sa choimhearsnachd nach seas sin ro fhada gun tuilleadh taic-airgid agus leasachadh.
Tha Nicole Webber ag aithris.