An SNP

Leis a' bhliadhna Phàrlamaid mu dheireadh air tòiseachadh mus bi taghadh Holyrood ann, tha sinn an t-seachdain seo air a bhith a' toirt sùil air na tha air thoiseach air gach partaidh, 's an staid anns a bheil iad.

San aithris mu dheireadh againn, bheir sinn sùil air an SNP.

Tha iad ag amas air mòr-chuid fhaighinn san taghadh - rud a bhiodh an luchd-taic aca a' faicinn mar dheagh adhbhar referendum eile air neo-eisimeileachd a bhith ann.

Ach am faigh iad e?

Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn Darren Linc.