Mascaichean airson sgoiltean
- Air fhoillseachadh

Tha dà àrd-sgoil air Ghàidhealtachd air a ràdh gu bheil còir aig mascaichean a bhith air sgoilearan agus luchd-obrach nuair a tha iad a' dol eadar clasaichean
Tha barrachd sgoiltean ag iarraidh air sgoilearan agus luchd-obrach còmhdaichean aghaidh a chur orra air sgàth a' choròna-bhìorais.
Tha Sgoil Ghràmair Bhaile Ùr nan Granntach agus Acadamaidh Allt a' Mhuillinn ann an Inbhir Nis air a ràdh gum feum mascaichean a bhith air an cleachdadh eadar clasaichean.
Chan eil e na riaghailt an Alba gum feum clann mascaichean a chur orra anns an sgoil.
Àrd-sgoiltean
Ach, thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gum faodadh seo atharrachadh airson àrd-sgoiltean.
Tha Buidheann Slàinte na Cruinne air comhairle ùr a chur a-mach ag ràdh gum bu chòir mascaichean a bhith air cloinn nas sine na 12 bliadhna a dh' aois, agus thuirt aonadh an EIS gun iarr iad tuilleadh treòireachaidh bhon Riaghaltas air sgàth sin.
Ann an litir gu pàrantan, thuirt Sgoil Ghràmair Bhaile Ùr nan Granntach gun robh iad a' cur riaghailtean ùra an sàs seach gun robh trannsachan cho trang eadar leasanan, nuair a bha amannan foise ann agus aig àm diathaid, fiù 's le siostam aon-sligheach.
Dùn Èideann
Chaidh mascaichean iarraidh aig Àrd-sgoil Sheumais Gillespie ann an Dùn Èideann airson an aon adhbhar.
Thuirt Acadamaidh Allt a' Mhuillinn ann an litir gu pàrantan gum bu chòir mascaichean a bhith air sgoilearan air busaichean na sgoile cuideachd.
Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh nach eil fianais sam bith ann an-dràsta gu bheil am bhìoras a' sgapadh ann an sgoiltean.
Tha Covid-19 air nochdadh ann an sgoiltean, ach tha an Riaghaltas dhen bheachd gu bheil clann air a thogail ann an àiteachan eile.