Bratach airson an Eilein Sgitheanaich

  • Air fhoillseachadh
Bratach an Eilein Sgitheanach

Chaidh a' chiad bhratach oifigeil dhan Eilean Sgitheanach fhoillseachadh ann am Port Rìgh Diluain.

'S e am Pàipear Beag, Comhairle na Gàidhealtachd agus a' bhuidheann Skye Connect a bh' air cùlaibh na h-iomairt gus bratach a lorg.

'S e Calum Alasdair Rothach, 9, à Cille Mhoire, a dhealbh a' bhratach a bhuannaich.

Thuirt e gun robh a' bhratach aige stèidhichte air eachdraidh is dualchas an eilein.

369 bratach

Chaidh an fharpais gus bratach a dhealbh a thòiseachadh anns an fhoghar an-uiridh agus chaidh 369 bratach a chur air adhart - còrr air 200 aca bho chloinn na sgìre.

Chaidh sia a thaghadh le panal agus fhuair am mòr-shluagh cothrom bhòtadh dè an tè a b' fheàrr leotha.

Bhòt còrr air seachd mìle duine, tron phàipear no air-loidhne.

WHFP

Thuirt Deasaiche a' Phàipeir Bhig, Keith MacCoinnich, gun robh e toilichte dha-rìribh leis a' bhrataich a bhuannaich - agus gun deach uiread de bhrataichean a chur air adhart.

Thuirt Calum Alasdair gun robh e anabarrach toilichte gun do bhuannaich e.