Naidheachdan 1100
Mascaichean
Tha gluasad a' sìor fhàs gu ruige mascaichean ann an àrd-sgoiltean na h-Alba. Tha sgoilearan aig àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig ann an Dùn Èideann am measg na dh'fheumas còmhdach aodainn a chur orra bho an-diugh nuair a tha iad a' gluasad timcheall na sgoile. Chaidh an aon chomhairle a thoirt air sgoilearan ann an Acadamaidh Allt a' Mhuilinn ann an Inbhir Nis agus Sgoil Bhaile nan Granndach. Tha seo an dèidh comhairle às ùr bho Bhuidheann Slàinte na Cruinne gum bu chòir còmhdach aodainn a bhith air clann nas sine na dà bhliadha dheug de dh'aois.
Obar Dheathain
Chaidh na h-uimhir de riaghailtean lockdown ionadail Obar Dheathain a thogail an-diugh an dèidh aonta a-raoir eadar comhairle a' bhaile agus Riaghaltas na h-Alba. Dhùin taighean-bìdh agus taighean-seinnse bho chionn ochd là deug an dèidh àrdachadh aithghearr ann an cùisean de Chovid-19 sa bhaile. Thàinig an casg air siubhal dad nas fhaide na còig mile gu ceann aig meadhan-oidhche agus faodaidh gnìomhachasan aoigheachd fosgladh a-rithist Diciadain.
Riaghailtean Covid-19
Tha cead cuideachd bhon diugh aig daoine den a h-uile h-aois pàirt a gabhail ann an spòrs agus cur-seachad anns a bheil iad a' dol dlùth air a chèile. Tha cead cuideachd aig an leithid thallachan bingo, casinos agus cuirmean-ciùil a-muigh agus tha leasanan draibhidh tòiseachadh a-rithist. Ach tha dragh ann gu bheil na riaghailtean ro theann agus bheil companaidhean ann nach fhaod obair fhathast aig ìre sheasmhach dhaibh.
Ionnsaighean New Zealand
Chaidh innse do chùirt ann an New Zealand gun robh fear a mharbh leth-cheud duine 'sa h-aon le dà ionnsaigh air moscaichean an-uiridh am beachd an treas ionnsaigh a dhèanamh a bharrachd air sin. Tha feadhainn a thàinig beò as na h-ionnsaighean ann an Christchurch, agus càirdean an fheadhainn a chaill am beatha, air a bhith a' toirt fianais dhan èisteachd laghail mas tèid binn air Brenton Tarrant.
Eucoir
Thig atharrachadh san t-Samhain, air na riaghailtean mu dè cho fada 's a dh'fheumas duine innse bho chaidh dìteadh eucoir orra nuair a tha ag iarraidh cosnaidh neo àrachas. An-dràsta, feumaidh duine a bha sa phrìosan airson sia mìosan, sin a dhèanamh follaiseach airson seachd bliadhna, ach thèid sin a ghiorrachadh gu dà bhliadhna gu leth. Agus ma chaidh càin airgid air duine, thèid an ùine far am feum sin innse a ghearradh bho chòig bliadhna gu aon bhliadhna.
Comhairle nan Eilean Siar
Cuiridh Comhairle nan Eilean Siar cuideam air an riaghaltas barrachd dhaoine, gu h-àraid daoine aig aois obrach, a tharraing dha na h-Eileanan. Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil na dùbhlain a thàinig le Covid-19 a' dearbhadh gun urrainn do dhaoine a bhith ag obair bhon dachaidh neo aig astair. Ach tha Ceannard na Comhairle, Roddie MacAoidh, ag ràdh gum feum iad an toiseach, mar phrìomhachas, bann-leathann fìor-luath fhaighinn air feadh nan eilean.