Sgoil bhallet a' dùnadh
- Air fhoillseachadh

Dùinidh an sgoil bhallet chiùiteach is casaidean de drabastachd air nochdadh
Dùinidh sgoil bhallet ann an Earra-Ghàidheal is casaidean de dhol a-mach drabasta air nochdadh.
Tha na poilis a' sgrùdadh Ballet West ann an Taigh an Uillt às dèidh de ghrunn bhoireannaich a ràdh gun dh'fhulaing iad drabastachd.
Chaidh luchd-trusaidh nam fiach fhastadh madainn Diluain agus tha am pròiseas gus an sgoil a dhùnadh air tòiseachadh.
Tha seo a' tighinn an dèidh do ghrunn cholaistean is oilthighean a ràdh nach toir iad creideas do chùrsaichean na sgoile.
Na bu tràithe air a' mhìos seo, chuir sgrùdadh le ITV as leth leas-phrionnsabal na sgoile, Jonathan Barton, gun robh e ri dol a-mach drabasta.
Leig e dheth a dhreuchd, ach tha e a' dol às àicheadh gun rinn e càil ceàrr.
Chaidh Ballet West a' stèidheachadh ann an 1991 agus chaidh a h-ainmeachadh mar an sgoil bhallet a b' fheàrr ann am Breatainn airson 2019/2020.