Clubaichean spòrs ag ullachadh airson fosgladh

Às dèidh dhaibh a bhith dùinte bho thoiseach an lockdown, tha mòran chlubaichean spòrs ann an Alba a' dèanamh deiseil airson fosgladh an ceann seachdainn.

Ach cha bheag an obair a tha an cois sin - le riaghailtean ùra mu ghlanadh agus daoine a chumail bho chèile gan cuingealachadh.

Tha Cluba Gymnastics Fhaoighris air taobh sear Rois am measg na tha a' dèanamh deiseil airson fosgladh, agus chaidh Màiri Riddoch a dh'fhaicinn mar a tha a' dol dhaibh.