Luchd-còmhnaidh gan sireadh do dh'Eilean Rùim
Thathas a' sireadh dhaoine a thèid a dh'fhuireach ann an Eilean Rhùim.
Chan eil ach dithis sgoilearan a' frithealadh na bun-sgoile an-dràsta.
Tha Urrras Coimhearsnachd an eilein a-nis a' togail ceithir taighean agus tha iad gu sònraichte airson 's gun tig teaghlaichean a dh'fhuireach annta.
Tha an aithris seo aig an tè-naidheachd againn, Eileen NicDhòmhnaill.