Èisteachdan bhiortail an Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh

Dh'aontaich comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal èisteachdan dealbhachaidh poblach a chumail air-loidhne fhad 's a tha suidheachadh a' Choròna-bhìorais a' leantainn.
Rinn buill de Chomataidh an Dealbhachaidh agus a' Cheadachaidh deasbad mun chùis is iad air dheireadh a thaobh choinneamhan a bha còir a bhith aca air sgàth Chovid-19.
Bidh a' chomataidh mar as trice a' coinneachadh gu poblach 'son beachdachadh air cuid de dh'iarrtasan dealbhachaidh, gu h-àraidh ann an cùisean far a bheil tòrr bheachdan air nochdadh bhon phoball.
Nochd triùir de na comhairlichean, Robin MacMhuirich, Seòras Freeman agus Alasdair Redman, beachd gum bu chòir dha na coinneamhan leantainn sa chruth àbhaisteach.
Thuirt an Comh. MacMhuirich gu bheil èisteachdan poblach a' leigeil le comhairlichean coinneachadh ri feadhainn a tha airson agus an aghaidh iarrtasan, agus a' toirt cothrom dhaibh làraichean fhaicinn len sùilean fhèin.
Soilleireachd
Dh'innis e gu bheil iad mar as trice air an cumail ann an tallaichean nach eil làn co-dhiù, is gun gabhadh àireamhan a chumail sìos nam biodh feum air sin.
Thuirt an Comh. Freeman gu bheil suidheachadh Chovid-19 ann an Earra-Ghàidheal an-dràsta a' fàgail gum biodh "an cunnart cho beag 's a ghabhas", agus gu bheil èisteachdan poblach glè chudromach a thaobh a bhith "fosgailte is soilleir".
Thog an Comh. Redman dragh mu thrioblaidean le teicneolas.
Ach chuir na comhairlichean eile gu làidir an aghaidh na bha iad a' cluinntinn.
Thuirt an Comh. Graham Hardie gum biodh e doirbh astarachadh sòisealta a chur air dòigh ann an tallaichean beaga is nochd an Comh. Ruairidh Colville dragh mu cho fada air dheireadh 's a bhiodh obair na comataidh nan rachadh barrachd choinneamhan a chur dheth.
"Feumaidh sinn sguir a dh'argamaid agus coinneamhan bhiortail a chur air dòigh cho luath 's a ghabhas, oir cha chuala mi ceann-là aig duine airson cùisean a bhith air ais dhan àbhaist", thuirt an Comh. Colville.
Thuirt an Comh. Lorna Dùghlas gun do ghabh i iongadh gun robh cuid a' bruidhinn mar gum biodh gun robh am pandemic seachad.
Eisimpleir
Thuirt i gum feum comhairlichean eisimpleir a shealltainn dhan phoball is nach robh i idir den bheachd gum biodh e iomchaidh coinneachadh gu poblach.
Nochd beachd bho chomhairliche an Òbain, Ruairidh MacCuthais, gun gabhadh sùil a thoirt air an t-suidheachadh às ùr ann an dhà no trì mìosan, ach nach biodh coinneamhan poblach freagarrach an-dràsta.
"Cha creid mi gu bheil dragh sam bith air na daoine san sgìre agam a bheil iad gam fhaicinn gus nach eil, cho fada 's a tha fios aca gu bheil mi ag obair às an leth", thuirt e.
Ged a chuir an Comh. Freeman gluasad air adhart an aghaidh èisteachdan air-loidhne, cha do bhòt ach e fhèin agus an Comh. Redman air a shon.
Chuir an deichnear eile, an Còmh. MacMhuirich nam measg air a' cheann thall, taic ri èisteachdan bhiortail.