A' chiad fhèill dhen bhliadhna ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Thèid a' chiad fhèill den bhliadhna a chumail ann an Leòdhas Dimàirt.
Thèid a cumail thairis air dà latha airson a' chiad uair is uallach mòr air luchd-obrach saor-thoileach na margaidh-sprèidh dèiligeadh le riaghailtean ùra co-cheangailte ri Covid-19.
Thuirt Coinneach MacLeoid, cathraiche na buidhne: "Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil sinn air an obair ullachaidh a dhèanamh.
"Riaghailtean gu math teann"
"Tha riaghailtean gu math teann gu bhith mu choinneamh a h-uile duine againn an-diugh agus a-màireach.
"Bidh e gu math eadar-dhealaichte."
Chaidh fèill dà latha a chur air dòigh air sgàth 's nach robh amannan nam plèanaichean freagarrach airson fèill aon latha - ach obraichidh sin gu math is tòrr a bharrachd bheathaichean ann am-bliadhna.
Prìsean
Bha Maighstir MacLeòid an dòchas gum biodh prìsean an-àirde: "Tha na margaidhean air tìr-mòr air a bhith a' dèanamh fìor mhath - chunnaic sin Inbhir Pheotharain agus chunnaic sinn Port Rìgh Diluain - tha mi a' smaoineachadh gun robh feadhainn dhe na beathaichean sin an-àirde £13 bho an-uiridh.
"Tha mi an dòchas gum bi prìsean a' cheart cho math ann an Steòrnabhagh an-diugh agus a-màireach", thuirt e.