Naidheachdan 11:00

Mascaichean

'S i a' chomhairle do chloinn agus do luchd-obrach ann an àrd-sgoiltean na h-Alba gum feum còmhdach aodainn a bhith orra bho Dhiluain ann an trannsaichean agus àiteachan eile san sgoil air taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg. Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, gu bheil seo a' tachairt an dèidh chòmhraidhean farsaing le tidsearan agus ùghdarrasan ionadail. Agus thuirt e ged a tha dleasdanas orra masc a chleachdadh, nach tèid clann an cur a-mach às an sgoil mura dèan iad sin. Tha an t-aonadh GMB ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba deuchainnean Covid a stèidheachadh anns a h-uile sgoil anns an dùthaich.

Covid ann an Sgoiltean

Tha trì cùisean ùra de Chovid-19 ann an trì sgoiltean ann an Siorrrachd Lannraig. 'S iad sin Àrd-sgoil an Naomh Màiread ann an Àrd Ruigh, Sgoil Ghràmair Uddingston agus Bun-sgoil Stepps. Tha na sgoiltean uile fosgailte, ach chaidh iarraidh air feadhainn den chloinn agus tidsearan air a' chiad bhliadhna ann an Stepps iad fhèin a chumail air leth airson ceala-deug.

Bàsan

Tha na figearan as ùire ag ràdh gu bheil còrr is 57,000 bàs le Covid-19 clàraichte anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha Oifis na Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun do dh'èirich àireamh a' bhàis gu os cionn na h-ìre àbhaistich airson a' chiad uair bho mheadhan an Òg-Mhios, ach tha beachd ann gur an aimsir bhlàth mu mheadhan na mìos seo as coireach ris an àrdachadh sin.

Co-op

Dh'innis Banca a' Cho-operative gu bheil iad am beachd mu 350 cosnadh a ghearradh. Tha am banca ag ràdh gun dùin iad ochd deug dhe na meuran aca agus gun geàrr iad air ais air àireamh an luchd-obrach ann am meadhan na companaidh agus cuideachd anns an àrd oifis.

Loch na Madadh

Tha maill air leasachadh cidhe Loch na Madadh le aithrisean gu bheil a' chompanaidh a tha a' dèanamh na h-obrach ann an trioblaid. Tha mu chòig seachdainean ann bho dh'fhag luchd obrach na companaidh Keating an làrach agus tha aithrisean anns na meadhanan ann an Èirinn, far a bheil a' chompanaidh stèidhichte, gu bheil i an cunnart a dhol fodha. Thuirt Comhairle nan Eilean Siar, a thug seachad an cumhnant airson cidhe Loch na Madadh, gu bheil iad a' bruidhinn ri Keating.