Cnàimh dìneasair air a lorg an Eige
- Air fhoillseachadh

Chaidh cnàimh dìneasair 166 millean bliadhna a dh'aois a lorg an Eilean Eige.
'S e seo a' chiad turas a chaidh fosail a lorg an Alba taobh a-muigh an Eilein Sgitheanaich.
'S i tè-rannsachaidh bho Thaighean Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Elsa Panciroli, a thàinig tarsainn air a' chnàimh fhad 's a bha i a' ruith ri taobh na mara.
Clach
Bha e ann an clach, agus ged a bha e air a mhilleadh le tuinn, bha gu leòr dheth air fhàgail a leigeadh le eòlaichean sgrùdadh a dhèanamh air.
Thathas dhen bheachd gur ann le dìneasair stegosaurian leithid stegosaurus a bha an cnàimh.
An t-Eilean Sgitheanach
Tha e timcheall air an aon aois ri fosailean a chaidh a lorg san Eilean Sgitheanach.
Bha an Dtr Steve Brusatte à Oilthigh Dhùn Èideann na cho-ùghdar air a' phàipear mu na chaidh a lorg, agus thuirt e gu bheil seo, còmhla ri na lorgan-coise san Eilean Sgitheanaich a' cur ris an fhianais gum b' àbhaist stegosauran a bhith ann an Alba.
Tha am fosail a-niste ann an cruinneachaidhean Thaighean Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.