Prìsean math aig fèill ann an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Uain

Bha croitearan Leodhais is na Hearadh a' deànamh gàirdeachais Diciadain agus a' chiad fhèill reic den bhliadhna a' tighinn gu ceann le prìsean an àirde mu £8 gach beathach san fharsaingeachd.

Chaidh an fhèill a chumail thairis air dà là is riaghaltean teann gan cur an sàs ri linn Covid-19.

Thuirt Cathraiche Margaidh-sprèidh Leòdhais agus na Hearadh, Coinneach MacLeòid: "Bha prìsean math dha-rìribh aig na fèilltean an diugh agus an dè ann an Steòrnabhagh.

Prìsean anàirde

"Bha na prìsean gu math an àirde air na prìsean a bh' ann an uiridh - tha mi a' smaoineachadh gun robh iad an àirde mu £8 am beathach."

Cuideachd, thuirt e gur e £71 a' phrìs a b' àirde a chaidh a phàigheadh airson uan ann an Steòrnabhagh chun an seo, ach gun deach barrachd na sin a phàigheadh grunnan thursan aig an fhèill seo.

Faisg air £80

Bha e ag ràdh gun d' fhuair cuid de dhaoine faisg air £80 airson uain.

Thuirt Mgr MacLeòid gun robh na margaidean Eòrpach agus Breatannach làidir an-dràsta.

A thuilleadh air an sin, thuirt e gun robh barrachd feòir aig tuathanaich mhòra am bliadhna agus gun robh iad ag iarraidh barrachd bheathaichean airson an geamhrachadh.