Buaidh na clàran-ola
Tha a' Chorona Bhìoras air buaidh mhòr a thoirt air roinn na h-ola agus a' ghas le prìsean agus an t-iarratas air an shon air tuiteam.
Leis an sin, tha an crìonnadh ann an obair sa Chuan a Tuath air fàgail gu bheil barrachd chlaran-òla a-nis gan cumail ann an Linne Chromba.
Seo rud a tha a' cur dragh air muinntir na sgìre 's iad ag ràdh gu bheil cus fuaim a' tighinn bhuapa agus gu bheil iad a milleadh seallaidhean an àite.
Tha an aithris seo aig Cara Coburn.