Comhairle na Gàidhealtachd gan dìon fhèin

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Chuir ceannard Comhairle na Gàidhealtachd dìon air an ùghdarras ionadail agus connspaid ann mu thuarastal agus ionmhas àrd luchd-obrach.

Thuirt an Comh. Mairead Davidson gun tèid airgead a chùmhnadh agus iad a' toirt cruth atharrachadh air na th' aca de cheannardan agus an obair a tha iad a' dèanamh.

Thuirt i cuideachd gu bheil làn earbsa agus misneachd aice anns an àrd-oifigear, Donna Manson, a dh'iarr an t-atharrachadh seo.

Thàinig e am bàrr air a' mhìos seo chaidh gun robh Àrd-Oifigear 'son Ionnsachaidh is Foghlaim a' fàgail a dhreuchd, beagan is dà mhìos bho chaidh fhastadh leis a' Chomhairle.

Bha mì-thoileachas air a bhith ann nuair a thàinig e am follais gun robh Pòl Senior gus cosg cha mhor £250,000 dhan Chomhairle sa bhliadhna.

Bha connspaid eile ann nuair a nochd e gun d'fhuair fear a bha na Stiùiriche 'son Seirbheisean Coimhearsnachd faisg air £500,000 agus e a' fàgail a dhreuchd.

Dragh

Dh'fhalbh Uilleam Gilfillan mar phàirt den chrathadh a tha a' Chomhairle a' toirt air structar stiùiridh na buidhne.

Tha an Comhairliche Abrach, Anndra Bacasdair, am measg na tha e air a bhith a' togail dragh mun ghnothach.

Tha ceist air cuideachd a thaobh mar a chaidh bhideo de choinneimh nuair a bha comhairlichean a' ceasnachadh nan ceannardan mun chùis a thoirt far an eadar-lìn.

"Tha eagal ann gu bheil Comhairle againn nach eil ag obair gu fosgailte is gu bheil iad airson ceistean a fhreagairt air cùl dhorsan dùinte gus nach bi cròn air a dhèanamh air cliù nan ceannardan", thuirt an Comh. Bacasdair.

"'S e fìor dhroch shuidheachadh a tha sin dhan Chomhairle", thuirt e.

Thuirt Mairead Davidson gun deach a' bhideo a tharraing gu h-eadar-amail gus ainm a thoirt às mar phàirt de aonta a rinneadh roimhe.

Fosgailte

Thuirt i gun robh aca ri seo a dhèanamh air adhbharan laghail is gun tèid am bhideo a chur air ais air loidhne.

Tha i ag ràdh nach robh i riamh na pàirt de chomhairle a bha cho fosgailte mun obair aca.

Dh'innis i gun d'fhuair Mgr Gilfillan an t-suim air an robh e airidh is gu bheil coltas ann nach eil cuid de chomhairlichean a' tuigsinn a' ghnothaich agus "an suidheachadh laghail".

Gheall a' Bh. Ph. Davidson cuideachd gun tèid airgead a chùmhnadh le a bhith a' toirt atharrachadh air na th' aca de cheannardan.

Thuirt i nach urrainn dhaibh a ràdh aig an ìre seo dè an t-suim a bhios ann ach gun tèid fhoillseachadh a dh'aithghearr.

Rinn i dìon air Àrd-Oifigear na Comhairle, Donna Manson, a dh'iarr an t-atharrachadh seo, is thuirt i gu bheil i moiteil às an dòigh 's a bheil an t-ùghdarras air dèiligeadh ri suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh