An Rest fon phrosbaig às ùr

  • Air fhoillseachadh
A83 aig an Rest and be ThankfulTùs an deilbh, BEAR SCOTLAND
Fo-thiotal an deilbh,

Tha obair a' leantainn aig an A83.

Bidh Rùnaire na Còmhdail os cionn coinneimh de Bhuidhinn-Obrach an A83 Diardaoin is mì-thoileachas a' leantainn gu bheil an rathad fhathast dùinte aig an Rest and Be Thankful.

Nochd dragh air thoiseach air a' choinneimh le Mìchael MacMhathain ge-tà, nach tèid bruidhinn air fuasgladh maireannach.

Chaidh an A83 a dhùnadh ann an Gleann a' Chrò às dèidh maoime-slèibhe aig toiseach an Lùnastail is obair-càiridh fhathast a' leantainn.

Tha buill bho gach pàrtaidh air litir fhosgailte a chur gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gun tèid fuasgladh maireannach a lorg.

Rabhadh

Chualas rabhadh na bu thràithe an t-seachdain seo cuideachd bho ghnothachas an Earra-Ghàidheal gur dòcha gum bi aca ri pàirt den obair aca a ghluasad a-mach às an sgìre mura tig fuasgladh.

Cluinnidh a' choinneamh Diardaoin bho BhEAR Alba gu bheil iad ag obair air balla ùr a chuireas dìon air an rathad, cho math ri dìg ùr agus soidhnichean a bharrachd.

Ach chan eil dùil gum bi fuasgladh maireannach air a' chlàr-ama.

Tha sin na bhriseadh-dùil do Leas-Phròbhost Earra-Ghàidheal, Ruairidh MacCuthais.

"Ma tha mi a' leughadh seo ceart cha bhi sinn a' coimhead ri fuasgladh maireannach", thuirt an Comh. MacCuthais.

Sàbhailteachd

"Cho fada 's a chì mi 's e dìreach coinneamh àbhaisteach a tha san amharc is tha sin na bhriseadh-dùil.

"Tha dragh mòr oirnn mun bhuaidh eaconomaich a th' ann le maoimtean-slèibhe tric is minig, agus mu shàbhailteachd a' phobaill", thuirt e.

Tha BEAR Alba ag ràdh gu bheil na sgiobaidhean aca ag obair a là 's a dh'oidhche gus an A83 fhosgladh cho luath 's a ghabhas.

San eadar-ama, tha an t-slighe èiginn air Seann Rathad an Airm fosgailte.

Tuilleadh air an sgeulachd seo