Ùidh mhòr ann an taighean air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha ùidh mhòr ga sealltainn ann an taighean air Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan agus tha dùil gur e an coròna-bhìoras as coireach gu ìre.
Thathas a' tuigsinn gu bheil an t-uabhas dhaoine à Sasainn an dèidh bhith ag iarraidh fiosrachaidh mu thaighean bho chaidh riaghailtean a' ghlasaidh a lagachadh.
Tha dùil gu bheil daoine airson gluasad is barrachd aca ag obrachadh bhon taigh a-nis.
Tha Julian Shaw, à ceann a tuath Shasainn a' coimhead airson taigh an-dràsta ann an ceann a tuath na h-Alba agus tha e air tadhal air an sgìre grunn thursan a choimhead ri taighean: "Tha Covid air buaidh a thoirt air a' bheatha agam - bha mi air fòrladh, agus a-nis, chan eil obair agam.
"Tha mi a' coimhead a-rithist ris a' bheatha agam agus tha mi an dòchas a bhith saor bho mhorgaids."
Thuirt Bernadette Walker, manaidsear an Highland Solicitors Property Centre, gu bheil mòran bho dheas air fios a chur thuca.
Bha i ag ràdh gun robh mòran dhaoine ag iarraidh gluasad roimhe seo, ach nach b' urrainn dhaibh - ach gu bheil suidheachadh a' bhìorais air cùisean atharrachadh.