Crìonaidh sluaigh air an tuath

  • Air fhoillseachadh
Aiseag ann an Steòrnabhagh
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an t-àrdachadh bu mhotha anns an aois mheadhanail anns na h-Eileanan Siar

Tha an crìonadh sluaigh as miosa ann an Alba air an tuath agus anns na h-eileanan, a-rèir àireamhan ùra.

Bha Clàran Nàiseanta na h-Alba a' coimhead ri faisg air 7,000 sgìre eadar-dhealaichte.

Bha pàirtean de thaobh siar na h-Alba a' fulang cuideachd is an crìonadh as motha ann an deich bliadhna an Inbhir Chluaidh.

Aoisean

Chaidh an aois mheadhanail (median) suas air feadh Alba.

B' e pàirt dhen Eaglais Bhric an t-àite leis an t-sluagh bu shine le aois mheadhanail de 72.

Bha an aois mheadhanail bu lugha ann an Ruchill an Glaschu far a bheil mòran oileanaich.

B' e 20 bliadhna an aois mheadhanail an sin.

Bha àrdachadh sluaigh anns a' mhòr chuid de sgìrean de Ghlaschu, mar bhailtean mòra eile.

Crìonadh

Ann an sgìrean mar Earra-Ghàidheal is Bòd, Siorrachd Lannraig a Tuath agus Machair Aonaghais, bha crìonadh anns a' mhòr chuid de sgìrean.

Bha àrdachadh na bu mhotha anns an aois mheadhanail air an tuath. Bha na h-àrdachaidhean bu mhotha anns na sgìrean a leanas:

Na h-Eileanan Siar - +4.1 bliadhna

Siorrachd Chlach Mhanainn - +3.9 bliadhna

Na Crìochan - +3.7 bliadhna

Earra-Ghàidheal is Bòd - + 3.6 bliadhna

Chunnaic gach ùghdarras ionadail an Alba àrdachadh anns an aois mheadhanail, ach a-mhàin Dùn Dè.

Bha an àireamh bu mhotha a bh' ann am bochdainn ann an Inbhir Chluaidh.

B' ann ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear agus an Dùn Èideann a bha an àireamh bu mhotha de sgìrean saidhbhir.