11 roghain airson an A83

Gheall Rùnaire na Còmhdhail Mìcheal MacMhathain gun tèid fuasgladh a' lorg airson rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful, sin agus buidhean-gnìomh an rathaid air coinneachadh an-diugh.

Còimheadaidh iad air aon deug diofar roghain airson na slighe a tha tric a' tighinn fo bhuaidh maoimean-slèibhe.

Thèid na roghainean sin a' chuir a-mach gu co-chomhairle san Dùbhlachd agus Comhdhail Alba airson's gum bi moladh aca as t-Earrach. Seo Andreas Wolff.