Co-chomhairleachadh air cleachdadh na Gàidhlig
Dh' aontaich Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh a' chuir air dòigh an-diugh air cleachdadh na Gàidhlig.
Tha seo às dèidh mar a thuirt aithisg le UHI air a' mhìos sa chaidh, gum faodadh a' Ghàidhlig a dhol à bi mar chànan coimhearsnachd taobh a-staigh deich bliadhna mur a tèid poileasaidhean làidir a chuir a-sàs.
Coinnichidh Ministear na Gàidhlig ri buidhnean coimhearsnachd gus beachdan fhaighinn air a' chùis. Seo am fear naidheachd poiliteagach againn Darren Linc