Sin an 'tup' air!
- Air fhoillseachadh

Sportsmans Double Diamond
Chaidh reithe òg sia mìosan a dh' aois a reic an-dè , 27mh den Lùnastal, aig fèille ann an Lannraig airson a' phrìs as motha a chaidh a' phàigheadh riamh airson an leithid anns an Rìoghachd Aonaichte.
Phàigh buidheann de thriùir 350,000gini, no faisg air £368,000 airson an t-uan Texel leis an ainm 'Sportsmans Double Diamond'.
'S ann le Charlie Boden à Cheshire, fear a bhios a' briodadh stuic, a bha an t-uan.
'S ann an 2009 a chaidh a' phris as àirde mu dheireadh fhaicinn aig £231,000.