Naidheachdan 11:00m

Cumhachdan Covid-19

Tha cumhachdan ùra bho an-diugh aig Poileas Alba cruinneachaidhean mòra, an leithid pàrtaidhean taighe, a chur ma sgaoil. Agus tha na riaghailtean ag atharrachadh cuideachd a thaobh cia mheud duine à còrr air aon dachaigh a dh'fhaodas coinneachadh còmhla anns an aon àite taobh a-staigh dhorsan. Thuirt Cathraiche Chaidreachas Poileas Alba, David Hamilton, gu bheil na h-uimhir de laigsean anns na riaghailtean agus thuirt e, mar eisimpleir, gu bheil e do-dhèanta do dh'oifigearan poileas fios a bhith aca cia mheud duine a tha air cùl dhorsan dùinte.

Rannsachadh Covid 19

Tha an rannsachadh as motha fhathast air feadhainn air an tàinig Covid 19 ag ràdh gur ann fìor ainneamh a bheir am bhìoras bàs do leanabh. Tha an aithisg, ann an Iris Mheidigeach Bhreatainn, ag ràdh gu bheil e nas buailtiche gum feum leanabh a dhol gu dlùth chùram san ospadal ma tha iad ro reamhar neo nas òige na mìos de dh'aois.

Hurricane Laura

Chaidh sianar a mharbhadh ann an stàit Louisiana cho fada 's fios le cinnt aig an ìre seo, ann an stoirm cho mòr 's a bhual a-riamh air na Stàitean Aonaichte. Chaill ceathrar dhiubh sin am beatha le craobhan a' tuiteam agus Hurricane Laura ag èirigh gu faisg air ceud gu leth mìle san uair aig amannan.

Tubaist rèile

Thuirt Rùnaire Còmhdhail na h-Alba gum bi na h-uimhir de sheachdainean ann fhathast mus fhosgail an loidhne rèile an dèidh na tubaist ann an Siorrachd Obar Dheathain bho chionn ceala-deug anns an do chaill triùir am beatha. Thuirt Mìchael MacMhathain gum mair an rannsachadh air an làraich faisg air Stonehaven airson seachdain eile agus gur ann an dèidh sin a thèid an trèana a ghluasad agus tòiseachadh air an loidhne a charadh.

Shinzo Abe

Thuirt Shinzo Abe, am Priomh Mhinistear as fhaide a-riamh a bh' ann an Iapan, gur e droch shlàinte as coireach gu bheil e a' fàgail na dreuchd. Thuirt Mgr Abe, a tha 65, gu bheil trioblaid le stamaig as fhìor fhàs nas miosa agus gu bheil dragh air gu bheil sin a' toirt droch buaidh air a chomsan.