Tubaist aig an Waverley
- Air fhoillseachadh

Chaidh 24 a ghoirteachadh nuair a bhuail bàta-smùid an Waverley anns a' chidhe an Eilean Arainn Diardaoin.
Thuirt Buidheann na Mara is nam Maor-chladaich gun deach grunn dhiubh sin a thoirt dhan ospadal às dèidh na tubaiste.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 17:15.
Tha dùil gun robh 213 de luchd-siubhail air a' bhàta, a thuilleadh air 26 criutha.
"Sgleog"
Thuirt aon duine a bh' air bòrd aig an àm gun do shaoil e gun robh a h-uile sian mar a bu chòir is iad a' tighinn chun a' chidhe.
"An uairsin thàinig sgleog, fuaim àrd agus stad am bàta gu h-aithghearr," thuirt Graham MacUilleim.
"Chunnaic mi daoine a' tuiteam agus bha e gu math duillich," thuirt e.
Càradh
Chan eil ach beagan is dà sheachdain bho thill am bàta-smùid gu muir às dèidh dà bhliadhna is obair-càraidh ga dèanamh oirre.
Chaidh a togail ann an 1946 agus 's i an aon bhàta de a leithid air fhàgail air an t-saoghal.
Chaidh fios mun tubaist a chur gu Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara.
Air làrach-linn an Waverley chaidh innse nach bi seòlaidhean sam bith aca airson a chòrr den t-seusan.