Geàrr-chunntas air naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

Cuarantain

Thuirt Rùnaire Còmhdhail na Rìoghachd Aonaichte, Grant Shapps, gum biodh e gu math na b'fheàrr nam biodh tuilleadh co-obrachaidh eadar ceithir duthchannan an aonaidh air riaghailtean siubhail a' choròna-bhìorais. Dh'aidich e gu bheil na h-uimhir de mhì-chinnt ann an-dràsta. Bha e a' bruidhinn agus a' tighinn air an-diugh air feadhainn a tha a' tilleadh dhan a' Chuimrigh à Portagail a dhol gu cuarantain airson cola-deug. Thig sin gu buil ann an Alba a-màireach ach cha do chuir Sasainn neo Èirinn a Tuath an riaghailt an sàs.

Baile nan Granndach

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil iad, aig an ìre seo, a' beachdachadh air riaghailtean lockdown mar a th' ann an Glaschu an-dràsta agus a bha ann an Obar Dheathain, a chur an sàs ann am Baile nan Granndach far a bheil còrr 's 30 cuis de Chovid-19. Tha ceangal dearbhte aig a' mhòir chuid de na cùisean sin ri taigh-spadaidh na companaidh feòla Millers of Speyside agus tha am bòrd-slàinte den bheachd nach do sgap am bhìoras a-mach dhan a' choimhearsnachd.

Deuchainn Covid-19

Thuirt fear a tha a' ruith 15 de dhachannan cùraim air feadh Alba gu bheil e a' toirt còrr is seachdainn a-nis mus fhaigh an luchd-obrach aige co-dhùnadh air ais bho dheuchainn àbhaisteach airson Covid-19. Thuirt Robert Kilgour gur ann as fhìor fhàs nas fhaide a tha an ùine agus gu bheil an siostam gu lèir ann an cunnart. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iadsan ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte siostam nan deuchainnean a' leudachadh.

Crìochan

Tha buidhnean a tha an sàs ann a' toirt bathair a-staigh dhan Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh coinneimh ris an Riaghaltas agus dragh orra nach eil ullachadh gu leòr aig crìochan na dùthcha airson deireadh na bliadhna seo, nuair a thig ùine eadar-amail Bhrexit gu ceann. Tha buidheann nan làraidhean, an Road Haulage Association, a-measg na tha ag iarraidh gealltanas mu bhun-structar, siostaman IT agus airgead airson trèanadh do luchd-obrach cuspainn aig na crìochan. Thuirt an riaghaltas gu bheil iad gu math cinnteach nach bidh bristeadh ann am bathair.

Caolas Bharraigh

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar coinneamh ri ministearan Riaghaltas na h-Alba agus dragh orra mu mholaidhean airson casg air iasgach a' chreachainn ann an Caolas Bharraigh. Tha Buidheann Mara an Riaghaltais, Marine Scotland, ag ràdh gu bheil àrainneachd shonraichte an sin air am feum iad dìon a chur. Tha a' Chomhairle ag ràdh ge-ta gun dèanadh casg sgrios air cosnaidhean ann an Uibhist agus ann am Barraigh.