Milleadh aig Maggie's
- Air fhoillseachadh

Tha Maggie's air a bhith dùinte tro staing a' choròna-bhìorais.
Tha cathrannas aillse air a' Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad brònach dha-rìribh às dèidh mar a chaidh milleadh a dhèanamh air an ionad aca ann an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain.
Bha ionad Maggie's gus fosgladh às ùr 'son a' chiad turas bho thòisich lockdown, ach bidh e a-nise a' fuireach dùinte greis eile.
Dh'innis Maggie's gun deach oileagan a thilgeil tro uinneagan is dorsan aig an ionad aca faisg air Ospadal an Rathaig Mhòir timcheall air trì uairean sa mhadainn an-dè.
Obair-sgioblachaidh
Thuirt iad nach deach dad a ghoid ach gun deach milleadh a dhèanamh.
Tha an t-ionad air a bhith dùinte ri linn Chovid-19 ach bha e gus fosgladh às ùr an t-seachdain seo.
Thuirt Maggie's gum fan iad dùinte treis eile a-nise gus an tèid obair-sgioblachaidh agus glanadh mionaideach a dhèanamh.
Dh'innis a' bhuidheann gur e briseadh-dùil mòr a tha seo dhaibh.
Thuirt iad gum bi cosgais a bharrachd a' tighinn orra a-nise aig àm nuair a tha an Coròna-bhìoras mar tha air droch bhuaidh a thoirt air suidheachadh ionmhais bhuidhnean cathrannais.