Deuchainn legionella aig Ospadal Naomh Bhrianan

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùram is Ospadal Naomh Bhrianan.Tùs an deilbh, Google

Dh'innis NHS nan Eilean Siar gu bheil ìre àrd de ghànrachadh Legionella ann an siostam uisge Ospadal agus Dachaigh-chùraim Naomh Bhrianan ann am Barraigh.

Thuirt iad gu bheil seo cumanta air feadh na dùthcha agus gu bheil iad eòlach gu leòr a thaobh a bhith a' dèiligeadh le cùis mar seo.

A-nis, tha obair glanaidh mhionaideach an dèidh bhith air a dhèanamh.

Sgapadh

Thuirt an NHS nach eil seo a' toirt buaidh air cùram nan euslainteach agus gu bheil dìon a bharrachd an sàs gus nach tèid cus uisge a' sgapadh san eadhar.

Thèid sgrùdadh a dhèanamh às ùr às dèidh na h-obrach feuch a bheil dad a bharrachd a dhìth.

Chan eil euslaintich anns an ospadal an-dràsta ged a tha luchd-còmhnaidh anns an dachaigh-cùram.