e-Sgoil ri fhaighinn air feadh Alba

  • Air fhoillseachadh
suaidheantas e-SgoilTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar

Thèid an t-siostam-teagasg e-Sgoil, a chaidh a chur air bhonn le Comhairle nan Eilean Siar, a thabhainn gu sgoilearan air feadh Alba bho thoiseach na Sultaine.

Tha an goireas a' toirt an cothrom do chloinn bho sgoiltean eadar-dhealaichte tighinn còmhla air-loidhne le neach-teagasg a' toirt seachad leasanan beò.

Tha e a' ciallachadh cuideachd gum faod clann a tha airson cuspair nach fhaigh iad anns an sgoil aca fhèin, sin fhaighinn air-loighne.

Cò-obrachadh

Tha seo a' cur ris an fhoghlaim ann an grunn chuspairean a tha clann a' faighinn anns an sgoil, agus bi e ri fhaighinn an asgaidh.

Thuirt Ceannard e-Sgoil, Aonghas MacIllinnein gu bheil iad toilichte a bhith ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba agus Ùghdarasan Ionadail eile airson an goireas seo a thoirt seachad airson cur ris an fhoghlam aca.

"Tòisichidh seo Diluain an 7mh Sultain agus faodaidh clann clàradh air an www.e-sgoil.com, taobh a-muigh. Bidh seo a' cur ris an fhoghlam a tha iad a' faighinn anns an sgoil.

Thuirt Àrd Neach-sgrùdaidh Foghlam na h-Alba, Gayle Gorman gu bheil e-Sgoil na ghoireas a bhitheas a' cur ris na cothroman airson a bhith ag ionnsachadh agus a bhith teagasg ann an Alba.

"Tha sinn air a bhith mothachail fhad's a tha daoine air a bhith ann an lockdown air sailleamh a' Choròna-bhìorais, gu bheil barrachd chloinne agus luchd-teagasg toilichte gu leòr a bhith ag obair air-loidhne agus gu bheil iad airson leantainn orra a bhith a' dèanamh sin.

"Bidh seo na chuideachadh cuideachd ma dh'fheumas sgoilearan fuireach aig an taigh no ma dh'fheumas sgoiltean dùnadh ma tha an Coròna-bhìoras a' sgapadh a-rithist" thuirt i.